Dè an obair a th’ againn?
’S e an t-amas aig Tasglann-lìn na RA a bhith a’ cruinneachadh gach làrach-lìn uile san RA co-dhiù aon turas gach bliadhna.
Bidh làraichean-lìn a’ clàradh tòrr mòr mun tìde sam beò sinn. Ach, mar as trice, thèid an cruthachadh gu luath, atharrachadh gu cunbhalach agus uaireannan thèid iad à bith uile gu lèir, gu tric gun rabhadh. A dh’aindeoin an dìth maireannachd seo, tha Tasglann-lìn na RA a’ feuchainn ri bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh ??agus a’ toirt cothrom air an stuth seo airson luchd-rannsachaidh de gach seòrsa san latha an-diugh agus san àm ri teachd, bho sgoilearan agus proifeiseantaich do luchd-eachdraidh teaghlaich agus dhan fheadhainn le ùidh san fharsaingeachd.
Nì sinn cruinneachadh fèin-obrachail (no ?cràladh’) de làraichean-lìn na RA co-dhiù uair sa bhliadhna gus an uiread ’s a ghabhas de làraichean-lìn a ghlacadh. Tron obair seo, tha cruinneachadh ann de na milleanan de làraichean-lìn is na billeanan de dh’fhaidhlichean fa leth (duilleagan html, dealbhan, pdf’an, bhidiothan is mar sin air adhart.)
Bidh sinn a’ cruinneachadh roghainn de làraichean-lìn nas trice (suas ri turas san latha). Gu tric, ’s e làraichean-lìn naidheachd a th’ annta ach chan eil seo daonnan fìor.
A bharrachd air sin, bidh ar luchd-glèidhidh agus eòlaichean eile a’ cuimseachadh gu cunbhalach air a bhith a’ cruinneachadh làraichean-lìn air tachartasan, cuspairean no raointean sònraichte a tha inntinneach agus gan cur ann an ?Cuspairean agus Tèaman’..
Cha tèid ach stuth a tha ri fhaighinn gu poblach air an Lìon fhosgailte a chruinneachadh. Cha bhi sinn a’ cruinneachadh fiosrachadh prìobhaideach, mar eisimpleir post-d no susbaint far am feumadh tu soidhneadh a-steach. Cha tèid ach glè bheag de shusbaint bho na meadhanan sòisealta a chruinneachadh mar thoradh air duilgheadasan teicnigeach.
Faic naCeistean Cumanta againn airson barrachd fiosrachaidh.

Cò sinne?
Tha Tasglann-lìn na RA na cho-iomairt aig na Leabharlannan Tasgaidh Laghail uile:- Leabharlannan Bodleian, Oilthigh Oxford
- Leabharlann Bhreatainn
- Leabharlannan Oilthigh Cambridge
- Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
- Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh
- Coláiste na Tríonóide, Baile Átha Cliath
Cuidich sinn gus an tasglann a thogail
Ged a tha sinn ag amas air an uiread ’s a ghabhas de làraichean-lìn na RA a chruinneachadh, bidh sinn a’ call tòrr làraichean-lìn a chionn ’s nach urrainn dhuinn an comharrachadh gu fèin-obrachail mar làraichean-lìn às an RA. Ma tha fios agad air làrach-lìn às an RA a bu chòir a bhith air a glèidheadh molan seo i..
